Iain Bunian (1628-88)

Iain Bunian (1628-88)
Scots Gaelic version of "Pilgrim's Progress" by John Bunyan

Saturday, October 9, 2010

Earrann 1

Am Prìosan. 
     Mar a bha mi gabhail tre fhàsach an t-saoghail so, thachair dhomh tighinn air àite àraidh far an robh uamha [Prìosan Bhedford]. An sin leig mi mi fhèin nam shìneadh, is thuit mi nam chadal, agus as mo chadal chunnaic mi bruadar. Ciod a chunnaic mi anns a' bhruadar sin ach fear na sheasamh an àite àraidh, is a dheise na luideagan, a chùl ri dhachaigh, leabhar na làimh, eallach mòr air a mhuin. Sùil dhan tug mi chunnaic mi e fosgladh an leabhair agus a' leughadh. Mar a bha e leughadh shil air a dheòir, agus chaidh e air chrith; ach a chionn nach b'urrainn e cumail air fhèin na b'fhaide, bhris air a ghul, agus le bural tiamhaidh, dh'èigh e "Dè nì mi?”[Isa. 44:6; Luc. 14:33 ; Salm 38:4; Gn. 2:37, 16:30; Hab. 1:2,3]


An saoghal seo.
     Anns a' chàs sin, ma tha, thug e thaigh air, agus cha do leig e càil air, seach an àbhaist, fhads a bha sin na chomas, gus nach cuireadh a bhean no a chlann umhail air; ach cha b'urrainn e cumail air fhèin ro fhada, oir thruimich air a bhròn. Mar sin cha robh fo a chothrom ach inntinn a leigeil ris da mhnaoi 's da chloinn, agus seo mar a thuirt e riu: "A bhean chaomh, agus a chlann mo ghràidh, tha mise, bhur fear-dàimh, air dol a dhìth fo eallach a tha ro throm air mo shon. Còmhla ris an sin, tha dearbh chinnt air a thoirt domh gu bheil am baile againn gu bhi air a sgrios le teine o nèimh; agus anns an lèirsgrios eagalach sin gum bi araon mise agus thusa, a bhean, agus sibhse mo leanaban maoth air ar glacadh, mur faighear innleachd air dol as – nì a tha an an-fhios ormsa fhathast – trem faod sinn a bhi air ar saoradh. Chuir so uamhann air leth air a luchd-dàimh, chan ann idir a chionn gun mheas iad gun robh facal fìrinn anns na thuirt e riu, ach air eagal gur h-ann a bha eanchainn air dol tro-chèile.

Iocshlaint fheòlmhor air son anam tinn.
      Mar sin, a chionn gun robh an oidhche gu tuiteam, co-dhiù, agus gur dòcha gun cuireadh cadal na h-oidhche eanchainn am feabhas, chuir iad da leabaidh e gun dàil. Ach cha b'fheàrr an oidhche dhàsan na 'n là. An àite suain is socair, cha d'fhuair e ach osnaich is deòir. Nuair a thàinig a' mhadainn, is bu mhaith leò fios fhaotainn air a chor, is a thuirt e: "Nas miosa agus nas miosa!" Nuair a rinn e air son tuille còmhraidh a bhi eatorra, is ann a chruadhaich iad an gnùis. Dh'fheuch iad cuideachd ri ghalair fhuadach le giùlan mì-chneasta agus borb: uair ri fanaid, uair ri achasan, uair ga fhàgail air a dhlò. Air an adhbhar sin thòisich e dol don uaigneas a dh'ùrnaigh air an son le truas, agus a chaoidh os cionn a thruaighe fhèin. Fad bheagan làithean b'e chleachdadh a bhi cur cuairt leis fhèin sna raointean, greis a' leughadh is greis ag ùrnaigh.
     Chunnaic mi e uair, is e air chuairt sa mhachair, gun robh e, mar bu tric a bha, a' leughadh a leabhair, is e an èigin mhòir le inntinn, is mar a bha e leughadh bhris a mach air, agus ghlaodh e, mar a rinn e roimhe, "Dè is còir dhomh a dhèanamh chum gun saorar mi?"[Gn. 16:30,31]
     Chunnaic mi cuideachd gun tug e sùil an taobh seo agus an taobh ud, mar gum bu mhaith leis ruith. Gidheadh sheas e, mar a shaoil mi, a chionn nach maith bha fhios aige ciod an taobh a ghabhadh e. Sùil dhan tug mi chunnaic mi fear dam b'ainm Soisgeulach a' tighinn far an robh e, agus a' faighneachd dheth carson a bha e glaodhaich.
     Fhreagair e: "A dhuin' uasail, tha mi togail on leabhar seo gu bheil mi fo bhinn bàis, agus còmhla ris a sin, gu bhi air mo tharraing gu breitheanas: agus chan eil mi gam fhaighinn fhèin deònach air a' chiad nì, no idir comasach coinneachadh ris an ath nì." [Eabh. 9:27; Iob 16:21,22; Esec. 22:14]


Mothachadh gum feumar teiche. 
     An sin thuirt Soisgeulach: "An e nach eil thu deònach bàsachadh, agus a liuthad olc a tha sa bheatha seo? "Fhreagair an duine: "Chan eil, is eagal orm gun cuir an t-eallach seo a tha air mo mhuin fodha mi nas doimhne na an uaigh, is gun tuit mi an Tophet [Isa. 30:33]. Agus le ur cead, mur comasach mi air seasamh ri prìosan, ciamar idir a sheasas mi ri breitheanas, agus ri crochadh na dhèidh?" Thuirt Soisgeulach an sin: "Mas e sin do chor carson a tha thu seasamh dìomhanach?" "Tha," ars esan, "a chionn nach eil fhios agam càit an tionndaidh mi." An sin thug e dha rola air an robh sgrìobhte: "Teich on fheirg a tha ri teachd." [Matt. 3:7]


Chan fhaighear Crìosd, is an t-slighe thige, a dh'easbhuidh an fhacail. 
     Leugh an duine e, agus a' togail sùil dhùrachdach ri Soisgeulach, dh'fhaighnich e càit am feumadh e teiche. An sin thuirt Soisgeulach, is e tomhadh le mheòir thar raoin fharsaing, "An lèir dhuit an geata cumhang ud?" "Cha lèir," ars an duine. "An lèir dhuit an solas deàlrach ud?" ars am fear eile. "Tha mi 'n dùil gur lèir," ars esan. "Cùm do shùil air an t-solas ud," arsa Soisgeulach. "Dèan ball dìreach air, agus chì thu an geata. Nuair a bhuaileas tu aige ìnnsear dhuit ciod a nì thu." Agus chunnaic mi am aisling gun thòisich an duine air ruith. Cha robh e air a dhol fada o a dhoras fhèin nuair a mhothaich a bhean agus a chlann dha, agus shìn iad air èigheach as a dhèidh, e thilleadh. Ach is ann a chuir an duine a chorragan na chluasan, agus chùm e air ruith, ag glaodhaich: "Beatha! Beatha! Beatha shìorraidh!" Cha tug e sùil air a ghualainn, is e teiche chum meadhan a' chòmhnaird. [Matt. 7:13,14; Salm 119:105; 2 Pead. 1:19; Lu. 14:26; Gen. 19:17]


Tha iadsan tha teiche on fheirg ri teachd nam buill-amharc don t-saoghal.
     Thàinig na coimhearsnaich cuideachd a-mach ga fhaicinn a' ruith [Ier. 20:10]; agus mar a bha esan a' ruith bha cuid dhiubh a' fanaid, cuid a' maoidheadh, cuid ag èigheach ris tilleadh. Nam measgsan bha dithis a chuir rompa gun tugadh iad air ais e, ge b'oil leis. B'e ainm an darna fir Ceann-làidir, agus ainm an fhir eile Socharach: Mun am seo bha an duine astar maith uatha; ach ged a bhà, chuir iad rompa a leantainn – nì a rinn iad - agus cha b'fhada gus an do rug iad air. An sin thuirt an duine: "Carson a thàinig sibh, fhearaibh?" "Thàinig sinn ach an tilleadh tu còmhla ruinn," ars iadsan. Ach thuirt esan nach b'urrainn siod a bhi air aon chor. "Tha bhur còmhnaidh," ars esan, "am Baile an Lèirsgrios, am baile san do rugadh mi. Tha mi faicinn gur h-ann mar sin a thà, agus ma bhàsaicheas sibh ann, luath no mall, thèid sibh fodha nas doimhne na 'n uaigh, a dh'àite tha losgadh le teine agus pronnastan. Gum bu h-àill leibh, mo dheagh choimhearsnaich, a dhol còmhla riumsa!"
     "An eadh?" arsa Ceann-làidir," agus ar càirdean agus ar sòlasan fhàgail as ar dèidh!"
     "Seadh," arsa Criosdaidh - oir b'e sin ainm – “oir chan eil sin gu lèir airidh air a bhi air a choimeas ri beagan dhe na tha mise ag iarraidh a sheilbheachadh; agus ma thèid sibh còmhla rium, agus gum buanaich sibh ann, gheibh sibh mar a gheibh mi fhèin, oir tha gu leòr agus còrr far a bheil mi dol. Tiugainn, ach an cuir sibh dearbhadh air mo bhriathran."[2 Cor. 4:18; Lu. 15:17]
     CEANN-LÀIDIR: Ach dè na nithean a tha thu ag iarraidh, is gun cuireadh tu cùl ris an t-saoghal gu lèir chum am faotainn?
     CR.: Tha mi a' sireadh oighreachd neo-thruaillidh agus neo-shalach agus nach searg as. Tha i air a tasgaidh air nèimh, agus air a gleidheadh gu cùramach ann an sin, gu bhi air a frithealadh, aig an àm shònraichte, dhaibhsan a shireas i gu dìcheallach. Mas maith leibh chì sibh mar sin e nam leabhar. [1 Pead. 1:4; Eabh. 11:16]
     "Coma leat," arsa Ceann-làidir. "Cuir seachad do leabhar. An till thu còmhla ruinn no nach till?"
     "Is mise fear nach dèan sin," arsa Crìosdaidh, "oir chuir mi mo làmh ris a' chrann-treabhaidh." [Lu. 9:62]
     CEANN-LÀIDIR: Tiugainn sinne, ma tà, a Shocharaich, a nàbaidh, agus tillidh sinn dhachaigh a-rìs as aonais. Tha cuideachd ann dhe na sgeamhanaich lethchiallach ud, agus nuair a ghabhas iad nòs nan ceann tha iad, nan sùilean fhèin, nas glice na seachdnar a labhras gu tonaisgeil.