Iain Bunian (1628-88)

Iain Bunian (1628-88)
Scots Gaelic version of "Pilgrim's Progress" by John Bunyan

Tuesday, October 26, 2010

Earrann 5

     Cha robh nise dùil aig Crìosdaidh ri nì air bith ach bàs, agus shìn e air gul is caoineadh. Thug e mhallachd air an uair a thachair Mgr Gliocas-saoghalta ris, agus e ga bhùirt fhèin, nach robh ann ach an dearg amadan, an uair a thug e cluas da sheanchas. Bha e cuideachd a' leaghadh le nàire gun tugadh e an spèis bu lugha do reusonachadh an duine ud, agus sàbh na feòla dhe gu lèir, air dhòigh 's gun tugadh e air an t-slighe cheart a thrèigsinn. An dèidh sin, chuir e chomhairle ri Soisgeulach ann am briathran rudeigin mar seo.
    
Crìosdaidh faighneachd am faod e bhi sona tuille.
     CR.: Lur cead, Dè ur barail? A bheil dòchas idir air mo shon? Am faod mi tilleadh agus dèanamh air an doras chumhang? An toirear thairis mi air son seo, agus an tillear air falbh mi fo mhasladh? Tha mi duilich gun tug mi cluas do chomhairle an duine ud; ach a bheil mathanas air mo pheacadh?
    
Soisgeulach toirt dha misneachd.
     Thuirt Soisgeulach ris an uair sin: "Tha do pheacadh glè mhòr, oir rinn thu dà olc. Thrèig thu an t-slighe cheart agus roghnaich thu slighe thoirmisgte: ach leigidh am fear a tha aig an doras chumhang a-steach thu, is deagh rùn aige do dhaoine. A-mhàin thoir an deagh aire nach tèid thu air seachran a-rithist, air eagal gun sgriosar thu san t-slighe an uair a nì a chorraich beag-lasadh" [Salm 2:12].
     An sin thog Crìosdaidh air gu tilleadh. Phòg Soisgeulach e san dealachadh, agus, le fiamh a' ghàire air fhiacail, ghuidh e beannachd Dhè leis. Mar sin dh'fhalbh Crìosdaidh le sùrd, gun fiù facal a ràdh ri duine san rathad mhòr, 's ged a bhruidhneadh duine ris san dol seachad, cha leigeadh esan air gun cual e smid. Is ann a bha e falbh mar gum biodh e a' goid a rothaid tre chrìochan toirmisgte, agus nach fhaodadh e e fhèin a mheas tèarainte, air chor air bith, gus am biodh e air ais a-rithist air an rathad a dh'fhàg e air chomhairle Mhgr Gliocas-saoghalta.
     Agus mar sin chaidh aig Crìosdaidh air an doras chumhang a dhèanamh dheth ri tìde. Air an àrdoras bha na briathran seo sgrìobhte: "Buailibh an doras, agus fosgailear dhuibh."
     Bhuail esan an doras barrachd air uair no dhà, agus e ag ràdh leis fhèin:

"Eil fhios am faigh mi steach an seo?
No fosgailear dhomh, an truaghan bochd?
Ma gheibh, ged nach airigh mi air truas,
Fonn togam air ainm ro uasal shuas."
     
     Mu dheireadh thàinig duine diadhaidh, dam b'ainm Deagh-ghean, chun an dorais. Dh'fhaighnich e cò bh'ann, agus cò as a thug e choiseachd, agus dè bha air aire.
     CR.: Tha an seo peacach bochd, is eallach trom air a mhuin. Thàinig mi à Baile an Lèirsgrios, ach tha rùn orm a dhol gu Beinn Shioin, ach an saorar mi on fheirg a tha ri teachd. Seach gun deach innse dhomh gur h-ann tron doras seo a tha an t-slighe da h-ionnsaigh, bu mhath leam fios fhaighinn, lur cead, a bheil sibh deònach mo leigeil a-steach.
    
Bidh an doras air fhosgladh do pheacach a' chridhe bhriste.
     Deònach? Lem uile chridhe, ars an duine: agus leis a sin dh'fhosgail e an doras.
     Mar sin, mar a bha Crìosdaidh a' toirt ceum a steach, thug am fear eile dubadh làidir air, seachad air an stairsnich. Dh'fhaighnich Crìosdaidh dheth gu dè thug air siod a dhèanamh.

Tha Satan a’ sealg air daoine san dol a-steach air an doras chumhang.
     Thuirt am fear eile ris: "Chan eil ach astar beag eadar an doras seo agus dùn làidir air a bheil Beelsebub na cheannard. As a sin tha e fhèin agus a chuideachd a’ sealg air a' mhuinntir a tha tighinn a dh'ionnsaigh an dorais seo, agus a' cinnteachadh shaighdean orra, ach an tèid aca air am marbhadh mu faigh iad a-steach.
    
Chaidh Crìosdaidh a-steach le aoibhneas is ball-chrith.
     An sin thuirt Crìosdaidh: tha aoibhneas orm agus tha mi air chrith le eagal.
     Ach a-nise, is Crìosdaidh gu tèarainte a-staigh, dh'fhaighnich an duine dheth cò a sheòl an rathad ud e.
    
Còmhradh eadar Deagh-ghean agus Crìosdaidh.
     CR.: Is e Soisgeulach a thuirt rium tighinn an seo agus bualadh aig an doras, agus rinn mi sin. Thuirt e rium cuideachd gun innseadh tusa dhomh dè as còir dhomh a dhèanamh.
     DEAGH: Tha doras fosgailte air a chur romhad, nach urrainn neach air bith a dhùnadh.
     CR.: Is ann a-nise a tha mi tòiseachadh air a bhi faicinn mo leas, ann a bhi ruith a chunnairt.
     DEAGH: Ach nach iongantach gur h-ann nad aonar a thàinig tu?
     CR.: Is e bu choireach ris a sin, nach fhaca duine dhem choimhearsnaich an cunnart mar a chunnaic mise mo chunnart fhèin.
     DEAGH: An robh fhios aig duine gun robh thu tighinn?
     CR.: Bha: chunnaic a' bhean 's a' chlann mi an toiseach, agus dh'èigh iad as mo dhèidh mi thilleadh. Chunnaic cuid dhe na coimhearsnaich cuideachd mi, agus thòisich iad fhèin ag èigheach 's a' glaodhaich rium tilleadh; ach chuir mi mo chorragan nam chluasan agus ghabh mi romham.
    
Faodaidh cuideachd a bhi aig duine an toiseach na slighe gu nèimh, ach bhi na aonar a’ ruighinn.
     DEAGH: Ach nach do lean duine idir thu a chur impidh ort a dhol air ais dhachaigh?
     CR.: Lean. Lean dithis aca mi: Ceann-làidir agus Socharach; ach nuair a chunnaic iad nach robh math dhaibh a bhi rium thill Ceann-làidir dhachaigh, is e tilgeadh athais oirnn, ach thàinig Socharach còmhla rium astar beag.
     DEAGH: Agus carson nach tàinig e na b'fhaide?
     CR.: Gu dearbha thàinig. Thàinig sinn air adhart còmhla gus an do ràinig sinn Slochd na Mì-mhisnich, anns an do thuit sinn le chèile gun fhios duinn. Is ann an uair sin a chaill mo nàbaidh, Socharach, a mhisneachd buileach, air chor 's nach tigeadh e ceum na b’fhaide. Mar sin, air dha faighinn a-mach air an taobh a b’fhaisge air a thaigh, thuirt e rium gum faodainn an tìr àlainn a sheilbheachadh am aonar, air a shonsan. Ghabh e air an adhbhar sin a rathad fhèin agus ghabh mise mo rathad fhèin: esan as dèidh Cheann-làidir, agus mise a' dèanamh air an doras so.
     An sin thuirt Deagh-ghean: "Mo thruaighe, an duine bochd! A bheil a' ghlòir nèamhaidh cho suarach aige 's nach b'fhiach i an t-saothair leis cunnart no dhà a ruith a chum seilbh fhaighinn oirre?"

Crìosdaidh ga dhìteadh fhèin an làthair an dorsair.
     "Dh'innis mi an fhìrinn mu Shocharach, gun amharas," arsa Crìosdaidh, "agus nan innsinn an fhìrinn mu mo thimchioll fhèin bhiodh e soilleir nach eil mòran roghainn eadar an dithis againn. Tha e fìor gun thill esan dhachaigh, ach chaidh mise air seachran, agus roghnaich mi slighe a' bhàis, air chomhairle reusonachadh feòlmhor Mhgr. Gliocas-saoghalta."
     DEAGH: O! an tàinig esan nad lùib? Is ann a chuireadh esan thu gu Mgr. Laghalachd, gus am faigheadh tu saorsa! Muinntir nan car, nan dithis! Ach an do ghabh thu chomhairle?
     CR.: Ghabh, agus chaidh mi cho fada 's bu dàna leam. Chaidh mi lorg Mgr. Laghalachd, gus an robh dùil agam gun tuiteadh a' bheinn, a tha faisg air an taigh aige, air mo chlaigeann. Cha bu dàna leam a dhol ceum na b'fhaide.
     DEAGH: Is lìonmhor iad a chaill am beatha aig a’ bheinn sin, agus is lìonmhor iad dan toir i am bàs fhathast. Chan eil facal agad ri ràdh 's gun d’fhuair thu as le do bheatha.
     CR.: Tha 'n tul fhìrinn agad. Chan eil fhios dè a bha air èirigh dhomh, mura biodh gun thachair Soisgeulach rium gu fàbharach, is mi an imcheist mhòr leis an leann-dubh. Cha robh ann ach tròcair Dhè gun tàinig e thugam a-rithist -- mura biodh e air a thighinn cha bhithinn-sa an seo. Ach a-nise tha mi an seo, a leithid a chreutair 's a tha mi ann, nas iomchaidh dha-rìribh air bàs fon bheinn ud na bhi am sheasamh an seo a' labhairt ri mo Thighearna. Ach O, seo far a bheil an gràs dhòmhsa, gu faighinn a-steach air an doras seo!

Fhuair Crìosdaidh cofhurtachd, agus tha e air a sheòladh air a shlighe.
     DEAGH: Chan eil sinn a' dèanamh casaid air neach air bith, a dh'aindeoin na rinn e mun do ràinig e sinn: cha thilgear air chor air bith a-mach e [Eòin 6:37]. Air an adhbhar sin, a Chrìosdaidh chòir, thig ceum còmhla riumsa agus seallaidh mise dhut an rathad a dh’fheumas tu ghabhail. Thoir sùil dìreach romhad: a bheil thu faicinn an ceum caol ud? Siod an rathad a dh'fheumas tu ghabhail. Bha e air a dhèanamh leis na seann athraichean, na fàidhean, Crìosd agus abstoil, agus tha e cho dìreach ri saighead. Siod an rathad a dh'fheumas tu ghabhail.
    
Eagal air Crìosdaidh gun tèid e iomrall.
     Ach, arsa Crìosdaidh, nach eil iomadh car is lùib ann a tha an cunnart coigreach a chur iomrall?
     DEAGH: Gun teagamh, tha iomadh rathad a' tighinn a-steach air an ceann an taobh an rathaid seo, agus tha iad leathann camagach: ach sin dìreach mar a dh'aithnicheas tu an rathad ceart o gach rathad eile -- is e an rathad ceart a tha cho caol agus cho dìreach. Tha càch uile leathann agus camagach [Mata 7:14].